Church launches event to promote Gaelic language

A Conference to encourage the use of the Gaelic language in the Church of Scotland will take place in Glasgow on the 21 March.

The event is being supported by Rev Dr Angus Morrison, Moderator Designate of the 2015 General Assembly of the Church of Scotland. Speakers who have already been lined up include Margaret Mary Murray who is Head of Service at BBC Alba, Professor Donald Meek the well know Gaelic scholar, and Rev John Urquhart who has been developing contemporary and traditional Gaelic worship materials in partnership with Sabhal Mor Ostaig in Skye.

Rev Dr Angus Morrison, Moderator Designate of the 2015 General Assembly of the Church of Scotland

Dr Morrison expressed the hope that the one day Conference will have practical outcomes which will further the mission of the Church and inspire 'new and imaginative thought about the use of Gaelic within and through the Church.'

He said, 'The Gaelic language is a rich part of our inheritance as a Church and nation. We are warmly inviting anyone with an interest in promoting the Gaelic language in practical ways that are supportive of the mission of the church to register their attendance at this event.'

The Conference will be held on Saturday 21 March in Glasgow: St George's Tron Church, in Buchanan Street, from 10am to 4pm. Those interested in attending should email: gaelic@churchofscotland.org.uk. Alternatively, book online.

Co-labhairt Ghàidhlig

Cumar Co-labhairt a bhrosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an Eaglais na h-Alba ann an Glaschu air an 21 Mhàrt.

Tha Modaràtor-Ainmichte Ard-Sheanadh Eaglais na h-Alba ann an 2015, an t-Oll. Urr. Aonghas Moireasdan, a' toirt a thaic don Cho-labhairt. Am measg an luchd-labhairt bidh Mairead Màiri Mhoireach, a tha na Ceannard Seirbhis aig BBC Alba, am Proifeasair Dòmhnall Meek, air a bheil daoine eòlach mar sgoilear Gàidhlig, agus an t-Urr. Iain Urchardan, a tha a' cruthachadh stuthan a bhios freagarrach airson dhòighean adhraidh ann am modhan ùra is modhan traidiseanta, ann an co-bhonn ri Sabhal Mòr Ostaig.

Tha an Dr Moireasdan an dòchas gun giùlain a' Cho-labhairt, a mhaireas aon latha, toradh a ghabhas cur an gnìomh ann am misean na h-Eaglais, agus gum brosnaich i 'smaointeachadh ùr, cruthachail mu chleachdadh na Gàidhlig anns an Eaglais agus aig gach ìre dhith'.

Thuirt e: 'Tha a' Ghàidhlig na pàirt phrìseil den dìleab a tha againn mar Eaglais agus mar dhùthaich. Cuiridh sinn fàilte chridheil air neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a' brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an dòighean practaigeach a bheir taic do mhisean na h-Eaglais, agus dh'iarramaid orra an ainmean a chlàradh airson an tachartais seo.'

Cumar a' Cho-labhairt air an 21 den Mhàrt ann an Glaschu: Eaglais St George's Tron, ann an Sràid Bhochanain, eadar 10 uairean sa mhadainn agus 4 feasgar. Bu chòir gach neach aig a bheil ùidh anns a' Cho-labhairt fios puist-dealain a chur gu gaelic@churchofscotland.org.uk