NA DUILLEAGAN GAIDHLIG ` AIR AN CUR A-MACH AN LUIB I LIFE AND WORK I AIREAMH 10 I 2007 I AN DAMHAIR Aig aon àm bha barrachd uallaich air ministearan na tha orra an-diugh. Ma bha iad a’ fuireach ann an eilean iomallach anns an ochdamh linn deug cha bhiodh duine ann aig an robh beagan eòlais air dotaireachd ach am ministear. Bhiodh aige ri dreuchd fear-lagha a chleachdadh air amannan a bharrachd air obair na ministrealachd. Ach an-diugh cha bhi sinn a’ sùileachadh gum bi eòlas aig ministear air cuspairean eile a thuil- leadh air an dreuchd a dh’ionnsaich e. Nar latha-ne chì sinn obair na h-Eaglais ga roinn ann an dòigh nas cothromaiche, agus tha sin ’na bhuannachd agus gainnead mhinistearan ann. Gheibh eildearan stiùireadh airson gum bi e comasach dhaibh a bhith anns a’ chathair aig coinneamh sheisein no seirbheis thìodhlacaidh a ghabhail. Ann an Clèir Earra Ghàidheal, far a bheil cuid mhath de sgìrean bàn, tha eildearan air oideachadh fhaighinn airson a bhith ’nam moderàtoran ann an coitheanalan a tha gun mhinistear, agus tha tha iad a’ dèanamh na h-obrach gu dìcheallach agus gu comasach. Tha an t-Abstol Pòl ag iarraidh oirnn a bhith “a’ giùlan uallaichean a chèile.” Anns a h-uile coitheanal tha daoine aig a bheil sgilean agus tàlantan nach eil air an cur gu feum. Anns an latha anns a bheil sinne beò tha sinn a’ cur cruaidh-fheum air a h-uile duine aig a bheil sgilean a dh’fhaodas a bhith air an cleachdadh ann an seirbheis Chrìosd. Glè thric ’s e na rudan a bhios daoine a’ dèanamh gu socair air cùl gnothaich as èifeachdaiche ann an seirbheis an Rìgh. Leis gach beannachd, Ruairidh MacLeòid CUIL NAN CEIST An turas seo tha sinn a’ cur cheist oirbh mu leabhraichean a tha cudthromach ann an eachdraidh na h-Eaglais. 1 Càit an robh Iain Buinean nuair a sgrìobh e an leabhar “Turas a’ Chrìosdaidh?” 2 Dè an t-ainm a tha air an leabhar aig an Urr. Calum MacLeòid anns a bheil cruinneachadh de shear- moinean? 3 Cò am Proifeasair anns an Eaglais Shaoir a bhuineadh do Chinn-t-sàile a sgrìobh leabhar mu eachdraidh an Ath-leasachaidh ann an Alba? 4 Cò an searmonaiche ainmeil Gàidhealach a dh’eadar-theangaich Leabhar Aithghearr nan Ceist gu Gàidhlig anns an naodhamh linn deug? FACAL TOISICH 127 BLIADHNA A FRITHEALADH DO NA GAIDHEIL URNAIGH A Dhè Uile-chumhdachdaich, a thug sinn gu mìos ùr eile nar beatha, moladh a bhith dhut airson do thròcairean anns na mìosan a dh’fhalbh agus airson gach geallaidh a tha a’ dol romhainn anns na làithean air thoiseach. Amen AM FEAR-DEASACHAIDH Seo seòladh Fear-deasachaidh nan Duilleag: Ruairidh MacLeòid, Mansa Chumlodain, An Fhùirneis, Inbhir Aora, Earra Ghàidheal PA32 8XU. Fòn: 01499500 288 Fax: 01499500 689 Post-dealain: ruairidhmacleoid@btinternet.co.uk LEABHAR AINMEIL Faisg air deireadh na seachdamh linn deug bha an t-Urr. Dàniel Caimbeul, ministear Ghasairigh ann an Earra Ghàidheal, air ceann gnothaich ann an Dùn Eideann. Cha robh na goireasan-siubhail ann aig an àm sin a tha againn an-diugh agus b’fheudar dha fuireach greis anns a’ bhaile mhòr mun d’fhuair e dhachaigh. Ach cha robh e ’na thàmh. Fhad ‘s a bha e a’ feitheamh dòigh air faighinn dhachaigh dh’ullaich e leabhar airson a’ chlò. Ged a tha an leabhar ann am Beurla, tha e air a stèidheachadh air searmoinean a thug e seachad ro àm Comanachaidh anns an sgìre aige fhèin. Thàinig an leabhar a-mach ann an 1698 leis an ainm, Sacramental Meditations on the Sufferings and Death of Christ. Bha an leabhar ainmeil ’na latha agus chaidh a chlò-bhualadh as-ùr iomadh turas. Tha leth-bhreac aig an Fhear-dheasachaidh a chaidh fhoillseachadh ann an 1792. Ann an 1786 agus a-rithist ann an 1800 thàinig eadar-theangachadh Gàidhlig den leabhar a-mach. ’S e an t-ainm Gàidhlig a tha air an leabhar, Smuaintin Cudthromach mu Bhas agus Fhulangas ar Slanui’fhir. MEALAIBH BHUR NAIDHEACHD Bha seirbheis shònraichte ann an Eaglais Chaluim Chille anns an Lùnasdal airson taing a thoirt airson ceathrar a bha air tighinn gu clachan- mìle cudthromach ’nam ministre- alachd. Thugadh teisteanas don Urr. Tòmas Mac na Clèirich a tha air a bhith dà fhichead bliadhna ’na mhinistear. Ged a tha e air uallach coitheanail a leigeil dheth tha e fhathast ’na Chlèireach air Clèir Leòdhais. Tha leth-cheud bliadhna bho fhuair an t-Urr. Alasdair Dòmhnallach agus an t-Urr. Uilleam MacLeòid cead-sear- monachaidh. Cha b’urrainn don Urr. Tormod MacSuain a bhith an-làthair aig an t-seirbheis, ach thugadh teisteanas dha ’na dhachaigh agus e air a bhith leth-cheud bliadhna anns a’ mhinistrealachd. AIR AN ADHAR Air a’ cheud Sàbaid den Dàmhair ’s e an t-Oll. Urr. Iain D. Caimbeul, Eaglais Shaor a’ Bhac, a bhios a’ craobh- sgaoileadh air Dèanamaid Adhradh. ’S e “cuairt tro na Sgriobtaran air Rathad Emauis” an cuspair a bhios aige. Air an darna Sàbaid bidh Dòmhnall Iain Moireasdan, a tha ’na shoisgeulaiche aig an Eaglais Shaoir Leantainnich ann an Inbhir Nis, air ceann an adhraidh. Bidh an t-Oll. Urr. Aonghas Moireasdan (Eaglais Chaluim Chille Steòrnabhaigh) a’ cuartachadh na seirbheis air an treas Sàbaid. Aig trì uairean feasgar agus a-rithist aig naodh uairean air an t-Sàbaid mu dheireadh cluinnidh sinn an t-Urr. Iain T. Caimbeul, ministear Eaglais Shaor na Pàirce ann an Leòdhas. GATH UR EILE Tha mi dìreach air a bhith a’ leughadh Gath an t-samhraidh, agus mar a bhiodh dùil, tha measgachadh math ann an turas seo a-rithist de sgrìob- haidhean ann an rosg agus ann am bàrdachd. Tha grunn dhuilleagan ann le beachdan inntinneach air leabh- raichean ùra. An còmhnaidh tha aithis- gean anns an iris anns am bi ùidh aig muinntir na h-Eaglaise. Tha sinn air eòlach air na sgriobhaidhean aig Tormod Dòmhnallach anns na Duilleagan Gàidhlig. Ann an Gath an t-samhraidh tha iomradh aige air eaglais air a bheil iomadh Gàidheal eòlach agus measail, Eaglais Chaluim Chille ann an Glaschu.Tha iomradh air Raibeart MacThòmais, a chaochail an-uiridh ann an Eilean Mhanainn, agus a bha ’na mhinistear a bharrachd air a bhith ’na sgoilear Ceilteach cliùiteach. FUASGLADH NAN CEIST 1 Bha Iain Buinean ann am prìosan ann am Bedford nuair a sgrìobh e “Turas a’ Chrìosdaidh.” 2 “An Iuchair Oir”. Chuir an t-Oll. Urr. Tòmas MacCalmain an leabhar ionmholta seo a-mach ann an 1950. 3 An t-Oll. Urr. Alasdair MacDhòmhnaill Renwick (1888-1965). 4 An t-Oll. Urr. Iain Dòmhnallach (Dòmhnallach na Tòisidheachd). Thàinig an t-eadar-theangachadh aige-san am follais ann an 1829. RANN Crìosd leam, romham, ’s air mo chùl, Crìosd fodham, tharam, ’s am ghràdh, Crìosd air mo làimh dheis is chlì, Crìosd air fad ’s air leud ’s air àird. Sin rann anns an laoidh aig Pàdraig, “Lùireach Phàdraig”. Bha ceangal aig Pàdraig ri Alba agus ri Eirinn. Chaidh e air tìr ann an Eirinn ann an 432 “airson sìol an t-Soisgeil a chur”. ADHBHAR GAIRE Biodh an t-Urr. Murchadh Moireasdan a bha ann am Beàrnaraigh na Hearadh a’ cumail sheirbheisean bho àm gu àm ann am eilean Bhòighreigh. Nuair a bha e air falbh on taigh bhiodh Calum MacLeòid (Calum mac Ruairidh) air ceann an adhraidh ann am Beàrnaraigh air an t-Sàbaid. Aon turas thachair am ministear air Calum Diluain agus e air tighinn dhachaigh à Bòighreigh. Dh’fhaighnich e dha dè an ceann-tea- gaisg a bha aige ann am Beàrnaraigh. Dh’innis Calum sin dha agus dh’fhaighnich Mgr. Moireasdan dha ciamar a mhìnich e an earrann. Nuair a chaidh a’ cheist a fhreagairt thubhairt am ministear, le beagan spors, “Chan ann Buileach mar sin a tha e aig Matthew Henry?”Thubhairt Calum Mac Ruairidh, “Tha an Spiorad Naomh a cheart cho cairdeach dhòmhsa agus a bha E do Mhatthew Henry.” (Bha Mata Henry ’na fhear-mìneachaidh ainmeil agus tha na leabhraichean aige fhathast air an cleachdadh le daoine a tha a’ rannsachadh a@ Bhìobaill.) ATHARRACHAIDHEAN Thàinig atharrachaidhean ann an coitheanalan an Eilein Sgitheanaich anns an Lùnasdal. Tha an t-Urr. Iain Greenshields, a bha ann an Snìosort o 2002, air gluasad gu coitheanal Dhùn Phàrlain a Tuath ann am Fiobha. Ach tha ministear ùr air tighinn gu Port Rìgh. Is esan an t-Urr. Sandor Fazakas, a bhuineas do Romània. Tha sgire Phort Rìgh air a bhith bàn bho leig an t-Urr. Iain MacNeacail dheth uallach coitheanail an-uiridh. THALL S A-BHOS Bha latha mòr ann an Tobar Mhoire aig deireadh an Lùnasdail nuair a chaidh an t-Urr. Raibeart Nelson a phòsadh ri Sgìrean Eilean Mhuile – anns na seann làithean bha suas ri seachd ministearan a’ frithealadh nan sgirean anns an roinn sin den eilean a tha a-nis ceangailte fo dhithis. Tha an sgìre air a bhith bàn bho leig an t-Urr. Ailean Mac an Tàilleir dheth uallach coitheanail bho chionn dà bhliadhna. Bha Mgr. Nelson roimhe seo ’na mhinistear-cuideachaidh anns an sgìre seo. Anns an dealbh chì sibh an t-Urr. Ealasaid Gibson (a tha a’ searmonachadh), an t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid, Moderàtor na Clèir, an t-Urr. Raibeart, Nelson agus Clèireach na Clèire, Mgr. Iain MacLathagain. 127 BLIADHNA A FRITHEALADH DO NA GAIDHEIL LEABHRAICHEAN Travels in the Western Hebrides from 1782 to 1790 John Lane Buchanan (MacLean Press, 10, Lusta,Waternish, Skye IV55 8GD. £8.50) Bliadhnachan mòra air ais dh’innis an t-Urr. Uilleam MacMhathain dhomh mu leabhar leis an Urr. Iain Bochannan a bha ’na mhinistear aig an Urras Rìoghail anns na Hearadh aig deireadh na h-ochdamh linn deug. Cha robh e furas- da do làmhan fhaighinn air an t-seann leabhar seo – agus bhiodh e glè dhaor nan lorgadh tu e - agus b’fheudar dhomh a leughadh ann an leabhar-lann. Ach a-nis tha an leabhar air tighinn a-mach an an cruth ùr, leabhar grinn a tha furasda a leughadh agus aig prìs a tha air leth reusanta. Tha seann dhealb- hannan-làimhe air feadh an leabhair a tha ga dhèanamh nas grinne buileach. Chaidh leabhraichean a sgrìobhadh mun àm sin le Goill agus Sasannaich a bha air chuairt am measg nan eilean. Cha robh Gàidhlig aca agus ann an ùine ghoirid cha b’urrainn dhaibh sealladh ceart fhaighinn air an àite agus air na daoine. Ach ’s e a bha ann am Bochanan ach Gàidheal a chuir ochd bliadhna seachad anns na Hearadh agus a chuir eòlas air eileanan eile cuideachd. Tha iomadh cuspair cudthromach anns an leabhar, na h-uachdarain agus na fir- baile agus na sgalagan, cleachdaidhean an t-sluaigh co-cheangailte ri pòsadh, baisteadh agus tìodhlacaidhean, dòighean àiteachais, iasgach, eòin is èisg, beatha na h-Eaglaise. Tha an Dotair Alasdair MacGhilleathain air ro-ràdh luachmhor a sgrìobhadh aig toiseach an leabhair. Tha e a’ dearbhadh o leabhraichean Clèir Uibhist gun deachaidh Bochanan a chur as a dhreuchd airson mì-mhoraltachd, agus gur ann an dèidh dha a chasan a thoirt leis a sgrìobh e an leabhar, a’ dèanamh mòran càinidh air an fheadhainn a thog fianais ’na aghaidh, ged nach eil guth anns an leabhar air na thachair dha aig a’ Chlèir. (Aig toiseach an leabhair nuair a dh’fhoillsicheadh e ann an 1793. tha e air a ràdh gu robh Bochanan ’na mhiseanaraidh aig an SSPCK, rud nach robh idir fior.) Gu ruige seo bhiodh luchd-eachdraidh a’ toirt seachad beachdan Bhochanain mar gum biodh a h-uile gin dhiubh cinnteach agus earbsach. Bidh iad a-nis nas fhaiceallaiche bho thàinig an deasachadh ùr a-mach. Ceann-teagaisg airson a’ mhios seo: “Cò e an duine gum biodh Tusa cuimhneachail air?” Tha na faclan sin ann an Leabhar nan Salm. Tha iad sgrìobhte anns an ochdamh caibideil aig a’ cheathramh rann. Ann an saoghal a tha cho mòr, chan eil an duine ach beag. Ach tha Dia a’ gabhail cùraim de gach neach. GAIDHLIG SHIMPLIDH (Seo an darna cuibhreann den t-searmon a thug an t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid seachad aig seirbheis Ghàidhlig an Ard-sheanaidh ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Eideann. Tha an searmon air a stèidheachadh air fiosrachadh Iàcoib aig Betel ann an Genesis, an t-ochdamh caibideil thar fhichead, an aisling a chunnaic e agus a’ bhuaidh a bha aig na thachair air a bheatha.) Dhùisg Iàcob agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo, agus cha robh fios agam air! Cia uamhasach an t-àite seo ach taigh Dhè agus is e seo geata nèimh. Bha am fàsach aonranach sin air a chruth- atharrachadh gu bhith ’na aite far an do choinnich e ri Dia. An Dia a tha ga dhèanamh fhèin aithnichte dhuinn an an dòighean, ann an àiteachan, aig amannan, far nach robh sùil againn ris. Chaidh fichead bliadhna seachad agus chuala Iàcob guth Dhè ga ghairm gu tilleadh gu Betel, an t-àite sònraichte sin nach deidh as a chuimhne gu latha bràth, airson a bhòidean ath-nuadhachadh. Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnaidh an sin; agus dèan an sin altair do Dhia, a dh’fhoillisich E Fhèin dhut nuair a theich thu o ghnùis Esau do bhrathair. Thug Iàcob air a theaghlach na diathan coimheach a bha air èaladh a-steach a chur an darna taobh agus thill e gu Betel far an robh e air sealladh fhaighinn air gràs Dhè. Thog e as-ùr an altair anns an dearbh Ionad far an robh e air a bhòid a thoirt seachad do Dhia ’athraichean fichead bliadhna roimhe sin. Thill Iàcob gu Betel, an dèidh na bha an sin de bhliadhnachan. Na teirig air ais gu àite, bhiodh an t-Urr. Coinneach MacLeòid a bha ann an Giogha ag ràdh; na teirig air ais gu àite, oir cha bhi e mar a bha cuimhne agad air. Cha robh Coinneach MacLeòid a’ ciallachadh àite air am bi thu a’ tadhal o bhliadhna gu bliadhna, ’s dòcha an t-eilean far an do rugadh sinn, no am baile far an d’fhuair sinn àrach. ’S e a bha e a’ ciallachadh, ma dh’fhàgas sinn ro-fhada e, tha e buailteach gum faigh sinn mealladh-dùil. Bidh e eadar-dhealaichte ris an àite air an robh sinn cho eòlach, an t-àite air an robh sinn cho measail. Chuala mòran againn anns an sgoil sgeulachd inntinneach Rip van Winkle le Washington Irving, mun duine annasach seo a thuit ’na chadal agus e a’ siubhal am measg nam beann. Nuair a dhùisg Rip van Winkle bha a ghunna air meirgeadh agus cha robh lorg air a chù. Nuair a thill e dhachaigh bha a bhean air bàsachadh agus bha a nighean a-nis pòsda. Dè a bha air tachairt ach gu robh e air a bhith ’na shuain fad fichead bliadhna. Nuair a dhùisg e bha a h-uile nì air atharrachadh. Nuair a thuit e ’na chadal bha Amaireaga fo riaghladh Bhreatainn agus Seòras a Trì ’na fhear-riaghlaidh. Nuair a dhùisg e bha an dùthaich ’na poblachd. Nach iomadh rud a thachras ann am beatha duine an taobh a-staigh fhichead bliadhna. Nach iomadh atharrachadh a thug air an Eaglais ann am fichead bliadhna. Thig atharrachadh air beatha na h-Eaglais air a’ Ghàidhealtachd ann am fichead bliadhna, feadhainn a-chum beannachd, cuid eile nach eil cho ionmholta. Ann am fichead bliadhna tha a’ Ghàidhlig air inbhe nas àirde fhaighinn ann an iomadh roinn de ar beatha, anns an riaghaltas, ann am fòghlam, anns na pàipearan-naidheachd, ann an craobh-sgaoileadh. Ach an taobh a-staigh na h-Eaglaise tha suidheachadh na Gàidhlige air crìonadh. Am measg nan atharrachaidhean, ann a bhith a’ gabhail ri dòighean ùra, feumaidh sinn greim a chumail air na rudan bunaiteach a fhuair sinn mar dhìleab o na laithean a dh’fhalbh. (Bidh a’ chuibhreann mu dheireadh de shearmon an Ard-sheanaidh againn ann an iris na Samhna.) SEARMON AN ARD-SHEANAIDH - 2 Bho chionn ghoirid bha mi air bàt’-aiseig. Bha sinn a’ siubhal eadar an t-Oban agus Creag an Iubhair ann am Muile. Bha am bàta làn. Bha cuid de na daoine a’ dol gu eilean I. Bidh na mìltean de dhaoine a’ coiseachd gach bliadhna ann an cas-cheuman Chaluim Chille. Seanfhacal airson a’ mhios seo: “Mu choinneamh a chèile, mar a tha Dubhaird ’s Dùn Ollaimh” (Opposite each other, like Duart and Dunollie.) Tha caisteal Dhubhaird ann am Muile. Tha caisteal Dhùn Ollaimh air tìr-mòr, faisg air an Oban. Dè a tha an seanfhacal seo a’ ciallachadh? ’S dòcha gur e a tha ann dithis dhaoine a tha an aghaidh a chèile. Bho chionn beagan làithean bha mi anns a’ chladach leis a’ chù. Bha an oidhche roimhe sin fuar. Ach bha a’ mhadainn grianach. Dè a chunnaic mi anns a’ chladach air dealan-dè. Bha e a’ coimhead cho brèagha agus cho dathte. Air làithean dorcha nar beatha faodaidh rud beag air choireigin togail-cridhe a thoirt dhuinn. AN TREAS SALM THAR FHICHEAD Ann an 1902 thàinig Bìoball-cùbaid ùr Gàidhlig on chlò. Ged a chaidh na ceu- dan de leth-bhric a chlò-bhualadh cha do ghabh na Gàidheil ris a chionn gu robh e eadar-dhealaichte ris a’ Bhìoball air an robh iad eòlach. Nuair a choinnich a’ bhuidheann a thòisich air an obair, ann an 1896, cha robh ach ceathrar a bha anns an sgiobaidh an toiseach air fhàgail: an t-Urr. Iain MacGhilleathain, Eaglais Chaluim Chille Ghlaschu; an t-Urr. Niall Mac an Deòir, ministear na h-Eaglaise Saoire ann an Cinn a’ Ghiùthsaich; an t-Urr. Raibeart Blàrach, à Dùn Eideann, a bha uaireigin ann an Eaglais Chaluim Chille ann an Glaschu; agus an t-Urr. Tormod MacLeòid, Ard-eaglais Inbhir Nis, fear de Chloinn ’Ic Leòid Fhionnaraigh. Seo mar a tha an treas salm thar fhichead anns an eadar-theangachadh ùr. Is e Iehobhabh mo bhuachaille: cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluaintean gorma bheir e orm luidhe sios: laimh ri uisgeachan foise treòraichdh e mi. Aisigidh e m’anam, treòraichidh e air ceuman na fìreantachd air sgàth ’ainme fèin. Seadh, ged shiubhail mi troimh ghleann sgàile a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm; oir tha thusa maille rium: bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh. Deasaichidh tu bòrd fa m’chomhair an lathair m’eascairdean: dh’ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis. Gu cinnteach leanaidh maith agus caoimhneas gràidh mi uile làithean mo bheatha; agus còmh- nuichidh mi ann an tigh Iehobhah fad mo làithean. Ann an 1930 sgrìobh an t-Urr. Dòmhnall MacFhionghain nach robh am Bìoball ath-leasaichte seo air a chleachdadh ann am barrachd air sia eaglaisean air a’ Ghàidhealtachd a rèir an rannsachaidh a rinn esan. Dh’innis e mu aon mhinistear a rinn leughadh as an eadar-theangachadh ùr agus thubhairt na h- eildearan ris nach robh iad airson “am Bìoball ud” a chluinntinn a-rithist. Diluain chaidh am Bìoball-cùbaid a thoirt as an eaglais agus cha do thill e. ’S e eilean Arainn an t-eilean as fhaide deas anns a bheil a’ Ghàidhlig air a bruid- heann an-diugh, ged nach eil mòran den t-sluagh air fhàgail a bhruidhneas ar cànan. Anns an naodhamh linn deug thàinig grunn math de mhinistearan Gàidhlig à Arainn, ’nam measg an t-Urr. Niall MacCoinnich a bha ann an Hiort eadar 1830 agus 1844. Air dithis eile bha na bràithrean, Gilleasbaig agus Fionnlagh Cook.